Ma tha sibh a' lorg dòigh air son luchd-labhairt Ghàidhlig na h-Alba agus Ghaeilge na hÈireann a thoirt còmhla, no leis an fhiosrachadh a tha aca air cànan càch a' chèile, nach smaoin sibh ar an Pop Up Gaelic Café, nó am Priob-Chafaidh Gàidhlig! Chaidh uabhasach math dha aig dhà fhèis mhòr ann an Alba, agus tachartasan ann am Beul Feirste, Èire a' Tuath cuideachd. Thèid agaibh an sàr-aismholadh a fhuair e bho na ghabh pàirt ann a leughadh, cuide ri barrachd fiosrachaidh agus dealbhan & bhidiothan a fhaicinn anseo.
Air dhi Gàidhlig na h-Èireann ionnsachadh bho chionn còrr is 12 bliadhna agus imrich gu Èirinn bho Shidni ann an 2000, tha Ariel air cur gu mòr ri gnìomhachd na Gaeilge, leithid a bhith a' co-òrdanachadh seiseanan 'suiridhe aig astar' agus bhùthan-obrach ann an drumadh Afraganach, iòga, dannsadh bronn agus sgilean siorcais airson tachartasan Gaeilge na Fèise Là Fèill Pàdraig Bhaile Àtha Cliath, aithnichte a-nis mar Ghaelspraoi, cho math ri sreath de bhùthan-obrach sgilean an t-siorcais sa Ghaeilge ann an sgoiltean air feadh Bhaile Àtha Cliath agus na h-Èireann an co-bhann ri DTE Inc. Tha caochladh cheanglaichean aig Ariel ri luchd-ealain aig a bheil Gaeilge ma tha thu ag iarraidh tachartasan a chur air dòigh, agus gu h-àraidh ma tha thu ag iarraidh co-obrachadh air pròiseact Gàidhlig na h-Alba/na h-Èireann.