• Baile
  • Caractaran Sràide

Carachtaran Fèisteis Sràide

Tha na caractaran aig Ariel a' toirt blas beothail don tachartas agad ann an dòigh a tha fìor fhaicsinneach agus dibhearsaineach, mar shealladh-ealain gluasadach, a' brodachadh tachartas sam bith, a' conaltradh ris an t-sluagh agus a' tabhann dibhearsain spòrsail agus cothroman air dealbhan den chuirm a thogail nach dìochuimhnich am-feasta.

Characters available include:

Rainbow Bubble Fairy: Excellent for summer, family & childrens' events with a large number of primary-aged children

The Last Kelpies & Gaelic Giants: Rambunctious bilingual Gaelic fun for family, cultural & corporate events.

Stilt Kelpies  Belladrum

 

Gràinne Mhòr & Scottish Nymph: Celtic/Viking character particularly suitable for Highland Games & Gatherings, Piping Competitions etc

Forest Nymph: Perfect for garden and outdoor nature-themed events

Fire Nymph: Great for Halloween or Autumnfests

Fire Vaudeville: With or without Fire, excellent for all general promotional work, event animation & pre-event meet & greet spectacle, as well as Halloween in particular

Araya Snow Fairy & Mrs Christmas: Perfect for Christmas, Winter, Enchanted Evenings & Ice Ball events

Tha bhideo ùr goirid ri fhaicinn anns a bheil iomradh air carachtaran uile Ariel, cuide ri bhideo, ìomhaighean agus ais-mholadh bho luchd-dèilig ann, is urrainn coimhead air gu h-ìosal anseo:

 

Fèisteas Gluasadach
Bithidh carachtaran Ariel gu sònraichte freagarrach dha thachartasan rè na bliadhna, coltach ri fèisean is fèilltean (sgoile, coimhearsnachd, foghlaim, corporra), Christmas Light Switch On's, tachartasan seasanach no cultarail m.s.a.a. seach gum bithidh i ri spòrs is fealla-dhà, a bhitheas air an dealbhachadh gu sònraichte dhan tachartas no tèama agadsa, ris na ceudan de dhaoine gu pearsanta thairis àrainnean mòra. Tha àrachas PLI iomlan aig Ariel cuideachd air son na h-obrach seo tro Equity.

Tha na bliadhnaichean d' fhiosrachadh aig Ariel air a bheith ag obair gu h-èifeachdach ris na meadhanan - carson nach bruidhinn sibh rithe gus faighinn amach ciamar ab urrainn dhi obrachadh ris na meadhanan ionadail airson ìomhaighean draoidheil tarraingeach a chruthachadh airson an tachartas agaibh a shanasachadh...

u Ms Christmas

daoine a thàladh is a threòrachadh thuig an tachartas agaibh... 

n Ms Christmas

daoine a chur a' gàireachdainn nuair a thig iad is aire a tharraing do luchd-reic ionadail...

f Ms Christmas
deagh chuimhne a thoirt dha daoine gus togail dhachaigh is an tachartas agaibh a shanasachadh air na meadhanan sòisealta...

d Ms Christmas

Fàilteachadh Spaideil ro Thachartasan
Cuir annas air aoighean an tachartais eadhon mun tig iad thar na stairsich! Tha obair Ariel gu tric air a cleachdadh gus cur ris an othail timcheall tachartais no cuirm sanasachaidh, agus tha i 'na dòigh sgoinneil air aire a tharraing bho na meadhanan dhan tachartas agaibh agus dha na urrachan 's na compàirtichean co-cheangailte ris. 'S tric a bhios sealladh air Ariel a' cur stad no maille air dràibhearan mar a bhios i a' tarraing aire nan compàirtichean, nam meadhanan, agus nan daoine a tha a' dol seachad, 's le sin, a' togail ìomhaigh an tachartais agad.

Car son nach fhaighnich sibh cuideachd mu dheidhinn pasgan bùthan-obrach / sanasachd is fealla-dhà spòrsail air stilts dhan fhèis no fèill agaibh? Tha fiosrachadh mu dheidhinn an raoin fharsaing bùthan-obrach a thèid aig Ariel a lìbhreagadh do sgoiltean & coimhearsnachdan mar phàirt de phrògraman cruthachail & ealain sràide nas motha ri fhaicinn anseo.

Independent State of Happiness  PACE Halloween Stilters

 

Tha barrachd air deich bliadhna de dh'eòlas air a bhith ag obair aig tachartasan far am bithidh Ariel a' filleadh sàr mhaise-gnùise, trusgain agus caractaran an lùib a chèile cho math ri comadaidh a bhitheas freagarrach dhan iomadach seòrsa tachartas.

q Ms Christmas


Tha Ariel air obair còmhla ri gach fear de na prìomh chompanaidhean tèatair sràide san eilean na h-Eireann, leithid The Beat Initiative, Streetwise Community Circus, Whirligig/Lux/Inishowen Carnival Group, Fèill Pàdraig (Baile Àth Cliath), Masamba, Colours Street Theatre, Earwig Community Arts Group, agus Clowns on the Street. Tha i cuideachd eòlach air cluichean atharrachadh gu sònraichte a rèir suidheachadh na Gàidhlige / na Gaeilge no gu dà-chànanach ma dh'fheumar, agus gu dearbha, is ise aon den chorra neach-ealain sràide proifeiseanta ann am bith aig a bheil Gàidhlig agus Gaeilge.

Anns a' chlàr-iùil air an taobh chlì, chithear na h-ìomhaighean as ùire aig Ariel ri a h-obair mar fhèistear sràide, agus dealbhan is tuairisgeulan de gach caractar nan cois.

© Ariel Killick 2014

Contact Me

I am available to perform at your event, deliver workshops or collaborate in event development anywhere in Ireland or Scotland.
Please feel free to ask for details: