Sìtheag na Coille

Taisbeanadh ealanta àlainn a tha ann an Sìtheag na Coille, a bhitheas a' cur ri tachartas sam bith mar neach draoidheil bhon Saoghal Eile agus bhon nàdar fhèin air son fàilte ealanta a chur roimh aoighean agus fealla-dhà is spòrs a bhith aice riutha, agus iad a bhrosnachadh air son pàirt a ghabhail ann an tachartasan a tha an lùib feise m.s.a.a. agus urram is spèis a shealltainn dhan nàdar bòidheach timcheall orra.

Ariel Killick Forest Nymph Gibson St Gala b 2

Is urrainn dhi a bhith na 'Spiorad na Gàidhlig' cuideachd, air son daoine a mhealladh ris an Gàidhlig a tha aca a bhruidhinn....

Bha Ariel air a dòigh glan carachtar na Sìtheige Coille a bhith an sàs mar phàirt làrnach de Fhèill Corroborree aig Garraidhean Rìoghail nan Lus Dhùn Èideann, an cò-bhann ri Fèill 2014 mar phàirt de Fhèill Chultaral Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis, a' chiad phròiseact Gàidhlig às dhà ig Ariel mar phàirt den Fhèill sin. Bha i ag obair còmhla ri Jillibalu Barns-Riley, aig a bheil an cànan tùsannach, Djabugai, agus a tha anns an dàrna bliadhna aig an National Institute of Circus Arts ann an Astràilia. Bha an dithis ag obair còmhla air son cola-deug, a' leasachadh pìos dràma sràide & sgriopt far an robh iad a' toirt fiosrachaidh mun deidhinn fhèin, an eachraidh agus an cànanan, agus chaidh an obair a thaisbeanadh aig trì gharraidhean aig Garraidhean Rìoghail nan Lus timcheall na h-Alba.

No images found.

© Ariel Killick 2014

 

 

 

 

 

 

Contact Me

I am available to perform at your event, deliver workshops or collaborate in event development anywhere in Ireland or Scotland.
Please feel free to ask for details: