|
Rathaid gu math fada is dùbhlanach a tha air a bhith ann bho thóisich mi air a bhith a' feuchainn am Pròiseact Rap Eadar-Ghàidhealach a stèidheachadh bhon t-Samhain 2012, ach tha dhà de na trì òran a chaidh a sgrìobhadh is a chlàrachadh ann an dìreach ceithre latha as t-Samhain 2014 ri fhaighinn a-nise mar Ari Indo! Nam bu toigh leibh taic a chur ris an luchd-ealain cho-aimsireil sa Ghàidhlig & sa Ghaeilge a tha an sàs, thèid an dà òran a luchdadh a-nuas is a cheannach air iTunes airson dìreach £1.58 anseo, air Google Play anseo, air Tidal anseo, no am faighinn air Spotify anseo, Deezer anseo agus MyJuke anseo. Nam bu toigh leat èisteachd ris na h-òrain iomlan mus luchdaich sibh iad agus iad a cheannach, is urrainn dhuibh sin a dhèanamh tro na ceanglaichean Soundcloud gu h-ìosal. Tha na faclan is eadar-theangachadh ri fhaighinn gu h-ìosal cuideachd.
Às dèidh barrachd obrach ri linn 2015 airson nan albam Dàna-Thursan an Tillidh (Adventures of the Return) agus Trodaich na Teangan (Warriors of the Tongue), tha mi a-nise a' lorg co-obraichean aig a bheil ùidh Rap Ceilteach a chruthachadh ann an stoidhle dannsa taigh coiméarsalta is grime/jungle, airson inbhich is luchd-èisteachd nas òige, cuide ri dhà bhidio ciùil agus cuirmean-ciùil nas fhaide air adhart, ag cur gu feum an fhiosrachaidh uile a tha aig Ariel mar neach-ealain, is i a' cleachdadh ealain teine, acrobatics, cothromachadh nan claidheamh, sgrìobhadh sgrioptaichean dealbhan-chluiche, dealbhachadh trusgan, maise-gnùis & ealain cholainn.. Ma tha ùidh agaibh ann, nach leig sibh fios thugam tron duilleig Leig-Fios aig bun na duilleag seo ar do làimh chlì. |
|
|
|
|||||||
|
Dualchas / Heritage |
|
|
|
|||||||
|
||||||||||
|
Mar a Thòisich an Obair Às dèidh dà bhliadhna cha mhòr, thàinig am pròiseact leasachaidh Rap Eadar-Ghàidhealach, air a; mhaoineachadh le Iomairt Cholm Cille / Bòrd na Gàidhlig gu buil agus chaidh mi fhèin, Ruairidh Greumach, an drumair bhon sàr-chòmhlan-ciùil leictreonaigeach, Niteworks, agus a tha na bhàrd agus na neach-comhairle cànain glè mhath e fhèin, gu h-Èirinn airson obrachadh còmhla ri GMC & Bubba Shakespeare, dithis den luchd-seinn rap as fheàrr anns a' t-saoghail tro mheadhan Gàidhlig na h-Èireann.
Bha am pròiseact cho soirbheachail, is trì òran air an sgrìobhadh is air an clàrachadh ann an dìreach ceithre latha - a' chiad uair a dh'obraich Ariel anns a' stoidhle ciùil seo, gun do thug Ariel taisbeanadh den obair aice air an àrd-urlàr aig Duaisean Nàiseanta na Gàidhlig dìreach cola-deug às a dhèidh, is i a' seinn a' rap dà-chànanach 'Set Yourself Free' anns a' Radisson Blu ann an Glaschu, is thug an Daily Record lèirmheas air oirre ga ràdh gun do thug i 'Knockout Performance', is an dealbh snog seo de Ariel a' nochdadh anns a' phàipear:
|
||||||||||
|
Nam bu toigh leat coimhead air an obair sgoinneil a tha Bubba Shakespeare & GMC a' dèanamh ann an Gàidhlig na h-Èireann, tha aon de na h-òrain aca gu h-ìosal anseo. Bha e dìreach air leth math obrachadh còmhla riutha agus bu toigh leam gu mòr barrachd ciùil Rap Gàidhlig is Gaeilge a chruthachadh còmhla riutha, agus às dèidh coinneachadh ri duine a tha ag obair airson leubail ciùil cho-aimsireil Chuimrise, bhitheadh e dìreach cianail fhèin math coimhead air co-obrachadh ri cuid den fheadhainn a tha an sàs ann an saoghal beòthail na Cuimrise cuideachd... |
|
|
|
|||||||
|
|
|
|
|
|||||||
|
Chan eil teagamh sam bith gum bu toigh leam bùthan-obrach anns an Rap a thogail amach gu sgoiltean & coimhearsnachdan ann an Alba uaireigin anns an àm ri teachd cuideachd, mar sin, ma tha ùidh agaibh ann, tha fàilte oirbh fònadh thugam airson beachdachadh air! Bha am Pròiseact Rap Eadar-Ghàidhealach na Pocket Circus Production, mar phàirt de cho-obrachadh a chaidh a stèidheachadh eadar 2012/2013. Tha Ariel air a bhith ag obair air a ceann fhèin bhon uair sin. |
|
|
|
|||||||
http://www.independentstateofhappiness.com/index.php/gd/fios-thugam